Playing via Spotify Playing via YouTube
Skip to YouTube video

Loading player…

Scrobble from Spotify?

Connect your Spotify account to your Last.fm account and scrobble everything you listen to, from any Spotify app on any device or platform.

Connect to Spotify

Dismiss

Lyrics

Chaidh mi 'n dé dhan choille challtainn
Shireadh chnòthan airson biadh
Ach 's e bh' air a h-uile geug
Ach d' aodann-sa gam thriall
Chaidh mi 'n dè gu tràigh a' mhaoraich
Lòn de choilleagan a bhuain
Nochd a h-uile slige neamhnaid
D' àilleachd-sa a luaidh

Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda
Son do sgiùrsadh as mo cheann
H-uile glainne thog mi thaom
Do mhaiseachd aist' na deann
Chlaon mi tràth a-raoir dhan leabaidh
Thusa ruagadh as le suain
Ach cha tug thu cead dhomh cadal
Gus an dèanainn duan

Lyrics continue below...

Don't want to see ads? Upgrade Now

Dh' iarrainn-sa bhith saor od thòireadh
Ach gu bheil sinn roinnt o chèil'
Do chumadh bhith an àit' do shamhla
Agam bhios an fhèill
Dh'fhàg thu mi 'nam bhaothair gòrach
Bòdhradh chàirdean le do chliù
Nuair a thig thu chì iad nach eil
Mearachd ann am fhiù

Chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth
Famh is iolair' anns an ruidhl'
Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir
Mireadh mu an sùil
Chì iad mis' is thusa sùgradh
Bil ri bil ar n-anail aoint'
Cniadachadh mar seo gu sìor le
Chèile b' e ar maoin

Writer(s): Aonghas Macneacail, Donald Shaw

Don't want to see ads? Upgrade Now

Similar Tracks

API Calls